Neach-obrach Cùraim Sòisealta, Dachaigh-cùraim Naoimhe Bhrianainn, Eilean Bharraigh
18.5 uairean gach seachdain, Ùine-shuidhichte airson 1 bhliadhna
£15,126 – £16,534 gach bliadhna, a’ gabhail a-steach £1,371 gach bliadhna de Chuibhreann Eileanan Iomallach
Bidh thu ag obair gu dealasach mar phàirt de sgioba a bhios ag adhartachadh agus a’ cur taic ri inbhich le feumalachdan taice gus an in-ghabhaltas, neo-eisimeileachd agus builean dealbhaichte a mheudachadh. Dh’fhaodadh seo a bhith ann am measgachadh de shuidheachaidhean agus a bhith a’ toirt taic do dhuine tron oidhche ma bhios sin riatanach.
Bu chòir tuigse a bhith agad air còraichean agus dleastanasan dhaoine le feumalachdan taice, agus an comas a bhith ag èisteachd gu h-èifeachdach, a’ conaltradh gu soilleir agus ag obair mar phàirt de sgioba. Bu chòir teisteanas SVQ Ìre III ann an Cùram (no teisteanas co-ionann) a bhith agad. Mur a h-eil seo agad, feumaidh comas a bhith agad an teisteanas seo a ghabhail os làimh agus a choileanadh – 36 mìosan an dèidh clàradh le SSSC.
Tha cleachdadh còmhdach-dìon PPE riatanach san obair seo.
Feumaidh tu ballrachd de Sgeama Dìon Bhuidhnean So-leònta (PVG) a thaobh a bhith an sàs ann an obair riaghlaichte le inbhich san dreuchd seo.
Tha tuarastal na dreuchd seo a’ gabhail a-steach Cuibhreann Eileanan Iomallach. Thèid an neach a shoirbhicheas fhastadh air a’ chiad ìre den rang le cuibhreann ga chur ris gach bliadhna.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh san Tuairisgeul Obrach agus san Tuairisgeul Pearsanta a tha an lùib seo.
Thèid agallamhan a chumail an làthair gu pearsanta, a’ toirt cothrom dha tagraichean coinneachadh ris an sgioba agus beachd fhaighinn air ar àrainneachd obrach.
Ceann-latha: Diluain 27 Faoilleach 2025
Advert Social Care Workers, Goathill Campus, Isle of Lewis – 3 Permanent Posts 37 hours per week – Posts 0790...
Apply For This JobJob Summary Please note salary will be pro-rated for part-time hours. Outreach Worker x 3 Grade 4, 3 hours per...
Apply For This JobJob Description Based within a locality team you will work part time, 25 or 30 hours per week, split shifts,...
Apply For This JobJob Description Job Title: Home Care Support Worker Location: Home Care East – Duns Hours: 1 x 24.25 & 1...
Apply For This JobJob Description Job Title: Home Care Support Worker Location: Home Care East – Kelso Hours: 1 x 23 & 1...
Apply For This JobJob Purpose: Before applying for this job, it is important that you read the Applicant Guidance by clicking on this...
Apply For This Job